musicas.mus.br
Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - BEAN A' CHòTAIN RUAIDH - ANNA MURRAY - música e letra
Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas
Bean A' Chòtain Ruaidh letra
Càit an robh mo leannan boidheach
Bean a' chòtain ruaidh
An robh I cas rùisgt' air an lòn
Is driùchd an fheòir cho fuar?
No'n robh I ruith le casan beaga
Feadh nam preas 's nam bruach
Gun ghùn, gun chleòc, gun bhrèid, gun bhròig
Ach ann a còtan ruadh
Cuailean bòidheach 's fiamh an òir dheth
'S dath an ròis ad ghruaidh
Suidh leam còmhla 's nì mi òran
Air do chòtan ruadh
Tha'n còtan goirid mar is dlùth dha
Tighinn gu d'ghlùn a nuas
Ach troidh as bòidhche cha do chòmhdaich
Còta dubh no ruadh
Rìgh, beannaich 's glèidh mo leannan
'S cùm I fada buan
A dà shùil mheallach orm a' fanaid
'S a' cur car am dhuan
Nuair bhios airgead ann am phòca
Gheibh thu sròl thar chuan
Ach cha bhi sròl no sìoda dhomhsa
Mar bha'n còtan ruadh
Càit an robh mo leannan boidheach
Bean a' chòtain ruaidh
An robh I cas rùisgt' air an lòn
Is driùchd an fheòir cho fuar?
No'n robh I ruith le casan beaga
Feadh nam preas 's nam bruach
Gun ghùn, gun chleòc, gun bhrèid, gun bhròig
Ach ann a còtan ruadh
Anna Murray - Letras
- 'S Fhada Leam An Oidhche Gheamhraidh
- A Ghaoil Saoil Am Faigh Mi Thu?
- Ailean Duinn
- Am Breacan Uallach
- An Deidh's Mo Mhealladh
- An Ribhinn Bhòidheach
- Bean A' Chòtain Ruaidh
- Cadal Cha Dean Mi
- Caoidh Mo Dhochais
- Crann Tara
- Finbarr Saunders
- Gad Ionndrainn
- Mairead Nan Cuiread
- Mo Chridhe Trom
- Nighean Mo Ghaol
- O Cò Thogas
- Puirt a Beul
- Ruidhleadh
- Saoil A' Mhór
- Tha Mo Rùn
- Tir Nan Og
top 30 músicas
©2003 - 2024 - musicas.mus.br